This content requires the Adobe Flash Player. Download Adobe Flash Player here.
Scottish Update Issue 3 - The Newsletter of the Christian Institute Scotland
Turas an Institiud Chriosdail
Joe MacPhee
Air
Dihaoine an 10mh latha den Mhaigh 2002, thainig John Burn, (Cathraiche)
agus Humphrey Dobson, (Ard Neach Sgrudaidh), bhon Institiud Chriosdail
a Leodhas airson a chiad uair a chumail dà choinneamh ann
an Steornabhagh a bha air leth soirbheachail.
Bha a' chiad choinneamh gu h-araidh airson ministearan agus eildearan
a thoirt comhla bho air feadh an eilein. Chruinnich ceithir duine
fichead gu leir o na h-eaglaisean eadar-dhealaichte agus chaidh
comhradh inntinneach air adhart mu obair an Institiud agus mar as
urrain na h-eaglaisean taic a thoirt le fiosrachadh a chumail ris
na coimhearseachdan aca fhein.
Feasgar, chruinnich sluagh mor de shia fichead neach ann am Bun
Sgoil Steornabhaigh, a dearbhadh gum bheil uidh mhor anns an obair
a tha an Institiud a deanamh.
Mhìnich John Burn dhan mhiunntir a bha g'eisdeachd nadar
na h-obrach anns am bheil iad an sàs agus mar a tha soirbheachadh
leotha. Bha e air leth inntinneach cluinntinn gum bheil an t-Institiud
a-nis a cumail suil gheur air na tha gabhail aite aig Riaghaltas
na h-Alba.
Bhruidhinn Humphrey Dobson an uair sin nas mionaidaiche mu obair
an Institiud, leithid an leasachadh a tha Riaghaltas na h-Alba am
beachd a thoirt a mach an aghaidh pàrantan a bhitheas a smachdachadh
an cloinne agus mar a thathar a deanamh strì airson an lagh
an aghaidh a bhi cleachdadh canaib gu bhith air atharrachadh. Bhruidhinn
e cuideachd air na ceumanan eagalach a tha luchd fearas- feise a
gabhail airson gun urrainn dhaibh clann uchd-mhacachadh.
Chaidh grunnan cheistean fhoighneachd aig deireadh na coinneimh
agus an uair sin bha cothrom aig daoine billeagan fiosrachaidh a
thoirt leotha.
Ged is e seo a' chiad turas aig an Institiud ann an Leodhas tha
sinn cinnteach nach e an turas mu dheireadh aca a bhitheas ann.